Cùmhnant airson Inbhir Nis a dhìon bho thuiltean

  • 12 An t-Iuchar 2013

Tha Comhairle na Gàidhealtachd air cùmhnant luach £8.5m a thoirt dhan chompanaidh Morgan Sindall, airson meadhan Inbhir Nis a dhìon bho thuiltean.

Thuirt a' Chomhairle gun cuir sin dìon air 800 dachaigh agus air 200 ionad malairt eadar Drochaid Nis agus Drochaid nam Manach.

Tòisichidh an obair an ath-mhìos.

Bidh a' Chomhairle a' sireadh thairgsean airson na dara h-earrainn den obair, a bhios a' dol bho Dhrochaid nam Manach gu beul na h-aibhne, nas fhaide air a' bhliadhna.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile