Na sgothan a' rèiseadh
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Rèisean iomraidh an Ulapul

12 An t-Iuchar 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha a' chiad cho-fharpais eadar-nàiseanta de rèisean nan St Ayles Skiffs a' dol ann an Ulapul an t-seachdain seo.

Tha eathraichean bho cho fada air falbh ri Tasmàinia air a bhith a' tadhal air a' bhaile

'S e Comann Iomradh Coimhearsnachd na Còigich - tè de na sgiobaidhean as làidire, ach chan e a-mhàin na sgillean-iomraidh aca - a tha air ùidh dhaoine a ghlacadh.

Chaidh Dòmhnall MacLaomainn a dh'Ulapul airson barrachd fhaighinn a-mach mu phròiseact ealainn a tha stèidhichte air an sgioba agus am bàta aca.