40 cosnadh gus falbh aig Lifescan

  • 12 An t-Iuchar 2013

Thuirt Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean gur e bristeadh-dùil mòr a th' ann gun tèid 40 dreuchd a ghearradh le tè de na companaidhean as motha a tha a' toirt cosnaidh do dhaoine an Inbhir Nis, Lifescan.

Tha Lifescan ag ràdh gu bheil an t-iarrtas airson nan innealan aca air tuiteam ann an Aimeireaga agus anns an Roinn Eòrpa.

Tha co-chomhairleachadh air tòiseachadh leis an luchd-obrach.

Tha Lifescan, a tha leis a' chompanaidh Johnson and Johnson, a' toirt cosnaidh do mu 1,100 duine ann an Inbhir Nis.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile