Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

11 An t-Iuchar 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Ionad Faslainn

Thuirt Sràid Dhowning nach biodh e "creideasach no ciallach" feuchainn ri Ionad Faslainn - far a bheil na bàtaichean-aigeann niuclasach - a chumail fo smachd na Rìoghachd Aonaichte nam bhòtadh Alba airson neo-eisimeileach. A rèir neach-labhairt, cha deach am beachd sin fiù 's a chur gu Rùnaire an Dìon no chun a' Prìomhaire, agus nan deadh thuirt e nach cuireadh iad an taic ris co-dhiù. Bha sgeulachd anns a' Ghuardian anns a' mhadainn gun robh an MOD a' coimhead ri inbhe mar a th' aig pàirtean de Chìopras a thoirt do dh'Fhaslann.

Pàigheadh Bhall-Pàrlamaid

Thuirt ceannard na buidhne a tha a' sgrùdadh pàigheadh Bhall-Pàrlamaid gu bheil an t-àm ann àrdachadh math a thoirt dhaibh. Mhol Ùghdarras Neo-eisimeileach Inbhean na Pàrlamaid pàigheadh nam ball aig Westminster a chur an-àirde gu £74,000 sa bhliadhna às dèidh an ath-thaghaidh. Tha àrdachadh an sin de 11%. Mhol iad cuideachd peinseanan agus cosgaisean a ghearradh, gus an cuidich sin le bhith a' pàigheadh airson an àrdachaidh.

Craig Whyte

Tha an duine leis an robh Rangers air nochdadh sa chùirt ann an Inbhir Nis, far an deach a chronachadh airson nach do nochd e dà uair ron seo a thoirt fianais ann an cùis eucorra. Chaidh barrantas a chur a-mach airson Whyte ach an toireadh e fianais ann an cùis anns a bheil e a' fàgail air feadhainn a bha ag obair aige gun do ghoid iad stuth às a' chaisteal aige faisg air Baile nan Granndach. Bha daoine air taobh a-muigh na cùirteach ag èigheach "scum" agus "crook" air.

Barabhas

Thèid croitearan Bharabhais ann an Leòdhas air adhart le còmhraidhean airson an oighreachd aca a cheannach. Thabhainn an t-uachdaran am fearann orra bho bhionn ghoirid. Tha iad a-nis air aontachadh gun tèid urras a chaidh a stèidheachadh bho chionn grunn bhliadhnaichean a chleachdadh airson cùisean a ghluasad air adhart. Thuirt fear-labhairt bhon Urras gur e an ath-cheum fear-lagha fhastadh airson còmrhaidhean leis an uachdaran.

Sealbh Fearainn

Tha Pàrlamaid Wstminster a' cur co-chomhairleachaidh air chois an-diugh air leasachadh sealbh fearainn ann an Alba. Thuirt cathraiche Comataidh nan Cùisean Albannach, Iain Davidson, gu bheil e an dòchas gun gabh stad cur air uachdarain a tha a' seachnadh chìsean agus a' gabhail brath air subsadaidhean.

Fèis Leabhraichean an Eilein Sgitheanaich

Chaidh na h-ùghdaran a bhios aig Fèis Leabhraichean an Eilein Sgiathanaich fhoillseachadh. Bidh an sgriobhadair eucoir ainmeil Stiùbhart MacIlle Bhride ann. Bidh Seumas Robasdan a' bruidhinn air an leabhar ùr aig mu spreadhadh Locarbaidh, agus bhidh Jim Swire, a chaill nighean anns a' cheannairc sin còmhla ris. Agus cluinnear bho Mhàiri Hedderwick a sgrìobh leabhraichean Cheitidh Mòrag. Bidh an fhèis ann an ionad Àros deireadh na mìos.