Co-chomhairleachadh air sealbh an fhearainn

  • 11 An t-Iuchar 2013
Fearann
Image caption Rinn ceathrar eòlaichean aithisg air staid sealbhadaireachd an fhearainn an Alba.

Thèid co-chomhairleachadh a chur air chois ann an Westminster Diardaoin air plana farsainn airson ath-leasachadh a dhèanamh air sealbhadaireachd fearainn na h-Alba.

Thubhairt Iain MacDhàibhidh, a tha na Chathraiche air Comataidh nan Cùisean Albannach, gu bheil e an dòchas gun cuir seo bacadh air uachdarain a bhith a' seachnadh chìsean agus a' tarraing shubsadaidhean àiteachais.

Às dèidh dhaibh sgrùdadh a dhèanamh air Coimisean Oighreachd a' Chrùin, dh'iarr a' Chomataidh air ceathrar eòlaichean fearainn pàipear brath-ullachaidh a dheasachadh dhaibh.

'S iad an ceathrar an t-Oll. Seumas Mac an t-Sealgaire, am fear-iomairt Andy Wightman, Peadar Peacock a b' àbhaist a bhith na mhinistear Làbarach aig Holyrood agus an Dtr Mìcheal Foxley a bha na Fhear-Gairm air Comhairle na Gàidhealtachd.

Tha am pàipear aca a' mìneachadh mar a tha smachd aig dìreach 432 air cha-mhòr dàrna leth de thalamh prìobhaideach na h-Alba, agus mar a tha mòran dhiubh a' cleachdadh urrasan airson cìsean a lùghdachadh, 's aig a' cheart àm a' preachach air subsadaidhean àiteachais.

Thuirt Mgr MacDhàibhidh gun tòisich iad a' tionail fianais nas fhaide den bhliadhna, le aithisg a' tighinn a-mach ro dheireadh 2014.

Thuirt e gur e plana farsainn a bhios ann airson ath-leasachadh sealbhadaireachd fearainn ann an Alba le measgachadh de mholaidhean radaigeach agus toinisgeil.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile