Ann am Bermuda

  • 10 An t-Iuchar 2013

Tha sgioba nan Eilean Siar air Bermuda a' ruighinn son na Geamaichean Eileanach.

Image copyright other
Image caption Tha 15 fairpeasach a' dol do na Geamaichean Eileanach às na h-Eileanan an Iar.

Le Iain GG Caimbeul os an cionn, tha 15 farpaiseach as na h-Eileanan an Iar ann son pàirt a ghabhail ann am farpaisean lùth-chleasachd, rothaireachd, snàmh agus triathalon.

Bi Kerry Nic a Phie à Uibhist a Deas (a tha a' fuireach ann a Sruithlea) agus Christina NicCoinnich à Steòrnabhagh (a tha a' fuireachd ann am Baile Ath Cliath) a feuchainn air an Triathlon airson a chiad turas.

Buinn

Cuideachd John Neil Mitchell a tha air a bhith aig àrd ìre ann an Quad Biking a toinndadh gu dà chuibheal agus e a' gabhail pàirt ann am farpais rothaireachd na Geamannan.

Tha dùbhlan ma choinneamh luchd snàmh agus Kathryn Offer agus Kara Hanlon a' lorg buinn.

Tha lùth chleasaichean, Eilidh Nic Choinnich, Donnie MacLeòid agus a chòrr dhen sgioba air a bhith treanadh ann am farpais ruith 's iad a' gabhail pàirt aig diofair rèisean air feadh na dùthcha mar phàirt dhen ullachadh

Tha Physio, Màiri NicPhàil còmhla riutha cuideachd.

Bidh an sgioba ann còmhla ri buidhnean eile bhon Rìoghachd Aonaichte - bho Shealtain, Guernsey agus Eilean Mhanainn.

Bidh cuirm fhosglaidh ann Disathairne 13mh den Iuchair le gach sgioba a' caismeachd timcheall, mus tòisich na farpaisean ceart Didòmhnaich.

Gheibh sibh fios air na bhuanaicheas air an larach aig na Geamaichean Eileanach.