Fear às Inbhir Nis ciontach de mhurt

  • 10 An t-Iuchar 2013
Ian Geddes Image copyright Ciaran Donnelly
Image caption Dh'fheuch Geddes ri tiomnadh a cho-ogha atharrachadh.

Chaidh binn beatha sa phrìosan a thoirt dh'fhear às Inbhir Nis a mhùch a cho-ogha le cluasaig 's a thug a chreid gur e tubaist a bh' ann.

Chaidh Ian Geddes, 57, fhaighinn ciontach ann an 2005, 's chaidh binn beatha air an uair sin.

Chaidh cur às don dìteadh sin an-uiridh ann an Cùirt an Ath-Thagraidh, 's chaidh a' chùis air ais chun na cùirte.

Fhuair diùraidh ciontach e a-rithist ge-tà, agus chaidh binn beatha eile air, 's feumaidh e co-dhiù ochd bliadhna 's naoi mìosan a chur seachad fo ghlais, a' gabhail a-steach na tha e air a chur seachad sa phrìosan mar thà.

Chaidh Teàrlach MacAoidh, a bha 48, agus a bha a' fuireach ann an sgìre naa Marc-innse de dh'Inbhir Nis, a mhurt ann an 2003, agus bhathas a' tuigsinn an toiseach gur e adhbharan nàdarra a thug bàs dha.

Ach thàinig an fhìrinn gu aire nuair a chualas gun do dh'fheuch Geddes ri tiomnadh Mhgr MhicAoidh atharrachadh gus am faigheadh e fhèin £25,000.

Chuala na Poilis cuideachd gun deach cluasag a shadail dhan sgudal gu sgiobalta fhad 's a bha luchd-togail an sgudail a' dèanamh an slighe sìos an t-sràid.

Fhuair diùraidh aig an Àrd-Chùirt ann an Dùn Èideann Geddes ciontach de mhurt, le mòr-chuid, air a' mhìos a chaidh.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile