Bàta air na creagan far Leòdhais

  • 10 An t-Luchar 2013
Am bàta
Chaidh am bàta air na creagan aig beul chala Bhrèibhig ann an Leòdhas.

Chaidh bàta-teasargain Steòrnabhaigh a ghairm a dèanamh cobhair air bàt'-iasgaich a chaidh air na creagan aig Cidhe Bhrèibhig ann an Leòdhas.

Tha e air a thuigsinn gu bheil am bàta, a tha clàirichte ann am Bucaidh, ri iasgach chreachan a-mach às na Ceallan ann an Griomasaidh ann an Uibhist a Tuath.

Chaidh i air na creagan mu 10:30f oidhche Mhàirt.

Thuirt na Maoir-Chladaich nach deach an dithis a bh' air bòrd a ghoirteachadh agus chaidh am bàta a shlaodadh gu Cala Steòrnabhaigh.