£600,000 airson dachaighean ùra Eileanach

  • 10 An t-Iuchar 2013
Taigheadas sòisealta
Image caption Togaidh an taic-airgid ceithir taighean.

Tha Comhairle nan Eilean Siar toilichte le airgead a fhuair iad Dimàirt bho Riaghaltas na h-Alba airson barrachd thaighean aig prìs reusanta.

Ach tha feum air tuilleadh, a rèir fear-gairm na Comhairle Tormod Dòmhnallach.

Tha an Riaghaltas air beagan is £600,000 a ghealltainn dhaibh an dèidh dhan Chomhairle gearain gu bheil cosgaisean a bharrachd an lùib taighean a thogail anns na h-eileanan.

"Tha sinn a' cur fàilte air gu bheil sinn a' faighinn an airgid seo," thuirt Fear-Gairm na Comhairle, Tormod Dòmhnallach.

"Tha an Riaghaltas a-nis mothachail gu bheil cosgaisean a bharrachd ann a bhith a' togail thaighean ann an sgìrean iomallach agus eileanach.

"'S e rud math a th' ann gu bheil an Riaghaltas a-nis mothachail dha sin 's gu bheil iad deònach taic-airgid a chur ris.

"A thaobh an airgid fhèin, tha mi a' smaoineachadh, £600,000, gun dèanadh sin ceithir taighean.

"'S dòcha nach e tòrr thaighean a tha sin, ach tha mi a' smaoineachadh a h-uile taigh is urrainn dhuinne a thogail 's e naidheachd mhath a tha sin, gach cuid dhan ghnìomhachas togail, agus cuideachd dhan fheadhainn a tha a' feitheamh air taighean air màl aig prìs reusanta.

"'S e seo a' chiad turas a tha an Riaghaltas air cnap airgid a bharrachd a thoirt dhuinn airson seo, agus tha mi a' smaoineachadh gur e comharra math a tha seo airson an ama a tha ri teachd," thuirt e.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile