Triùir marbh às dèidh tubaist-rathaid air Ghàidhealtachd

  • 10 An t-Iuchar 2013
Làrach na Tubaiste Image copyright Andrew Smith
Image caption Chaidh an rathad a dhùnadh còrr is còig uairean de thìde gu leth às dèidh na tubaiste.

Bhàsaich triùir ann an tubaist-rathaid air a' Ghàidhealtachd oidhche Mhàirt.

Tha dùil gur e dithis inbheach agus nighean òg a chaill am beatha.

Chaidh na seirbheisean èiginn a ghairm gu làrach na tubaiste faisg air Baile Ùr an t-Slèibh mu 5:45f.

Thathas a' tuigsinn gun do thachair an tubaist nuair a chaidh carbad Audi agus Jeep an comhar a chèile air pàirt den A9 nach eil dùbailte faisg air an Ràth Liath eadar Baile Ùr an t-Slèibh agus Ceann a' Ghiuthsaich.

Bha aon charbad clàraichte ann am Breatainn, agus tha dùil gur robh am fear eile clàraichte anns a' Ghearmailt.

Chaidh feadhainn a ghlacadh san sprùilleach agus b'fheudar do luchd-smàlaidh uidheamachd gearraidh a chleachdadh airson an saoradh.

Chaidh cuid de na chaidh a ghoirteachadh a thogail gu Ospadal an Ràthaig Mhòir ann an Inbhir Nis le heileacoptair, leis an còrr gan giùlain dhan ospadal ann an carbadan eiridinn.

Dhearbh na poilis gun do chaill triùir am beatha san tubaist, agus gu bheil triùir eile a' faighinn cobhair san ospadal.

Chan eil iad air innse fhathast dè cho dona 's a tha iadsan air an leòn.

Bha an A9 dùinte airson còrr is còig uairean de thìde gu leth, agus ged a chaidh carbadan a chur timcheall an A86, chaidh dàil mhòr a chur air trafaig a' siubhail gu deas agus gu tuath.