Stefan Millar a' dèanamh ath-thagraidh

  • 9 An t-Luchar 2013

Tha fear de na fir a chaidh fhaighinn ciontach de mhurt Liam Aitchison a' dol a dhèanamh ath-thagraidh an aghaidh a dhìtidh.

Tha Stefan Millar, 22, air leigeil fhaicinn do Chùirt an Ath-thagraidh gu bheil e an dùil ath-thagradh a dhèanamh gus cur às dhan dìteadh aige.

Chaidh binn 18 bliadhna sa phrìosan a thoirt do Mhillar agus do Ionatan MacFhionghuin airson Liam, a bha 16, a mhurt le a bhith ga shàthadh, ga dhochann agus a' stampadh air a cheann ann an taigh falamh ann an Stèinis ann an Leòdhas ann an 2011.