Fiadh
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Dragh mu àireamhan nam fiadh

9 An t-Iuchar 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha barrachd fhiadh a' gluasad a-steach gu bailtean agus a' dèanamh cron air gàraidhean, agus tha an àireamh thubaistean-rathaid le fèidh air èirigh gu mòr.

Sin a rèir aithisg le Coimisean na Coilltearachd a tha air a bhith an sàs ann an co-chomhairleachadh poblach mun dòigh a bu chòir dhaibh smachd a chumail air na beathaichean.

Tha a' bhuidheann ag ràdh gu bheil fèidh a' dèanamh cus cron air craobhan òga a tha iad air a chur.

Tha an aithris seo aig Doneil MacLeòid.