Cumail chearcan ga bhrosnachadh ann an Uibhist

  • 9 An t-Iuchar 2013
Cearcan Image copyright Getty Images
Image caption Bha leithid de sgeama ga ruith o chionn fhada.

Tha dòchas ann gun gabh brosnachadh a thoirt air eaconamaidh Uibhist le a bhith a' reic uighean.

Anns na 1950an bha co-chomann margaidheachd ann an Uibhist a' reic toradh chroitearachd na sgìre air Tìr Mòr, agus b' e uighean aon rud a bha iad a' reic.

Thàinig an sgeama sin gu crìch bho chionn fhada, ach a-nise tha Urras Ghoireasan Loch Baghasdail air pròiseact caran coltach ris a chur air bhonn.

Bheir an sgeama ùr cuideachadh do dhaoine gus toiseach tòiseachaidh a dhèanamh air a bhith a' reic uighean.

Tìr Mòr

Tha na h-uighean gan reic ann an Uibhist fhèin an-dràsta, ach thathar an dòchas sin a leudachadh.

"Fhuair sinn airgead bhon "Village SOS" airson buidheann a chur air n-aghaidh airson uighean a bhith gam faighinn anns an àite fhèin, far am faodadh daoine gnìomhachasan beaga a dhèanamh suas dhaibh fhèin," thuirt Catriona Walker, bhon bhuidhinn a tha a' ruith na sgeama.

"Tha triùir againn an-dràsta, a tha a' cur romhpa gur e seo a tha iad airson a dhèanamh, dìreach beag air bheag is tòiseachadh.

"Thathar a' ceannach circe aig £10. Agus ma tha cuideigin ag iarraidh 300 cearc, tha sin a' ciallachadh gu bheil £3,000 aig an duine sin ri chur a-mach airson na cearcan sin a cheannach.

"Ach chan eilear a' gabhail an airgid suas an toiseach. Thathar a' pàigheadh airson nan cearcan nuair a tha na h-uighean a' tighinn a-staigh. Bheir iad an t-airgead far nan uighean a h-uile seachdain.

"Bhiodh e glè mhath an rud a thoirt suas na b'àirde na sin agus 's dòcha a bhith a' reic nan uighean air Tìr Mòr.

"Tha àiteachan eile ga dhèanamh, 's bhathar ga dhèanamh an seo o chionn fhada, agus carson nach gabh e dèanamh a-rithist?

"Bidh cearcan gu leòr ann. Daoine gu leòr airson a dhèanamh, 's chì iad cho math 's a tha an rud ag obrachadh, agus beagan airgid a dhèanamh dhaibh fhèin," thuirt i.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile