A' mheanbh-chuileag an aghaidh a' ghartain

  • 8 An t-Iuchar 2013
Gartan Image copyright Mountaineering Council of Scotland
Image caption Bidh eòin ag ithe ghartan far bheathaichean eile.

Chan eil a' mheanbh-chuileag no an gartan a' còrdadh ri duine againn, ach chan eil sin fìor airson fiadh-bheatha is eòin na dùthcha.

Tha Sreap Alba air a bhith a' dèanamh rannsachaidh air na buannachdan a tha na creutairean grannda air a bhith a' toirt don àrainneachd.

Tha a' mheanbh-chuileag a' còrdadh gu mòr ris an ialtag-oidhche agus tha eòin leithid a' cheileiriche agus a' ghòbhlain-duibh gu math dèidheil orra airson biadh.

Tha lusan mar lus na feàrnaich, agus am mòthan cuideachd ag ithe dhà no trì de na meanbh-chuileagan, ach le na milleanan dhiubh a' tighinn beò gach bliadhna air costa siar na Gàidhealtachd is Earra-Ghàidheal, chan eil coltas ann gun tèid iad à bith.

An Gartan

Tha an gartan e fhèin gu math cudromach do bheathaichean eile - le eòin a' togail nan gartan far nam fiadh, nan caorach, nan rodan, is nan luchagan.

Tha luchd-saidheans a' cleachdadh a' ghartain mar shàmhla air cho fallain 's a tha stoc, leithid fèidh.

Ma tha beathach aosta is tinn, tha na gartain nas dualtaiche a bhith ag obair orrasan agus a' cuideachadh gus am beathach a mharbhadh, a' fàgail nam beathaichean nas fhalaine am measg an treud.

Ge b' e dè fear as fheàrr leibh - a' mheanbh-chuileag no an gartan, feuch gun toir sibh an aire air na gartain 's iad dualtach a bhith a' giulain an tinneas Lyme a tha a' toirt droch bhuaidh air slàinte dhaoine.

A thaobh na meanbh-chuileige - chan eil dol às ann ach teicheadh...