Ro-innleachd ùr croitearachd air a foillseachadh

  • 8 An t-Iuchar 2013
Crodh
Image caption Thig an Coimisean nas cruaidhe air feadhainn nach eil a' fuireach faisg air an croitean.

Tha Coimeisean na Croitearachd air gealltainn gun obraich iad nas dlùithe ri buidhnean eile.

Tha iad air plana foirmeil a stèidheachadh airson nam bliadhnaichean ri thighinn.

Tha an Coimisean airson gum bi barrachd aithne aig leitheid chomhairlean air na h-amasan aca.

'S tha iad cuideachd a' daingneachadh cuid de na riaghailtean ùra a th' ann an Achd Ath-leasachaidh na Croitearachd (2010).

Am measg na tha fa-near dhan Choimisean, tha a bhith a' tighinn teann air feadhainn nach eil a' fuireach faisg air na croitean aca gus an leig iad na croitean seachad.

Tha iad ga dhèanamh soilleir ge-tà, gun gabh iad ri leisgeulan ann an corra shuidheachadh.

Nì an Coimisean cuideachd sgrùdadh nas mionaidiche air iarrtasan airson barrachd is aon taigh a thogail air aon chroit, feuch dè a' bhuaidh a bhiodh aig sin air obrachadh na talmhainn, agus air a' choimhearsnachd fhèin a thaobh croitearachd.

Chaidh an Coimisean a chàineadh anns na bliadhnaichean a dh'fhalbh, airson 's nach do chuir iad stad air daoine bho bhith a' togail thaighean air talamh math croitearachd.

Tha an Coimisean airson barrachd tuisge a bhrosnachadh am measg dhaoine agus bhuidhnean a tha an sàs, a thaobh feumalachdan na croitearachd san fharsainneachd.

Tha iad ag ràdh gum bi e an uair sin nas fhasa dhaibh cùisean a leasachadh.

Tha an aithisg aca cuideachd a' soilleireachadh gum feum an Coimisean fhèin, na Comataidhean Baile, agus gach croitear, aithisgean ullachadh gach bliadhna air staid na croitearachd, a rèir mar a tha an Achd ag iarraidh.

Thuirt Cathraiche a' Choimisein, Susan Walker, gun tèid poileasaidhean nas mionaidiche a dhealbhachadh agus fhoillseachadh sna mìosan a tha romhainn.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile