Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

BBC ALBA a' fàs

8 An t-Iuchar 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Thàinig àrdachadh san àireamh dhaoine a tha a' coimhead BBC ALBA sa bhliadhna mu dheireadh.

A rèir MG ALBA a tha a' ruith na seirbheis ann an co-bhanntachd leis a' BhBC, dh'èirich an àireamh a tha coimhead an t-seanail 46% sa bhliadhna mu dheireadh.

Tha còrr is 600,000 duine ann an Alba ga choimhead tron t-seachdain.

A' foillseachadh aithisg bhliadhnail na buidhne Dihaoine, thuirt ceannardan na seirbheis gu bheil iad mothachail gu bheil barrachd obrach ri dhèanamh fhathast.

Seo Catriona NicFhionghuin.