Obair-leasachaidh air Cala Steòrnabhaigh

  • 8 An t-Iuchar 2013

Tha dùil gun tòisich obair-leasachaidh anns a bheil luach nam milleanan notaichean air cala Steòrnabhaigh an ceann beagan sheachdainnean.

Feumaidh an obair a bhith air a dèanmah taobh a-staigh bliadhna airson 's gum bi a' chidhe deiseil airson an aiseig ùir a bhios a' dol eadar Steòrnabhagh agus Ullapul.

Bidh an obair a' gabhail a-steach obair air a' chidhe, àite do charbadan, agus 's dòcha atharrachadh air na pìoban a tha an-dràsta a' toirt connaidh gu tancaichean stòraidh sa bhaile.

Tha dùil gun tèid companaidh fhastadh anns an ath-chola-deug airson an obair a stiùireadh.