Soilleireachadh air taighean-croite

  • 5 An t-Luchar 2013

Chaidh soilleireachadh a dhèanamh air Sgeama Grantaichean nan Taighean-Croite an dèidh do BhPA nan Eilean Siar, Alasdair Allan, a' chùis a thogail le Pàrlamaid na h-Alba.

Bha mì-chinnt mu mar a bha na grantaichean ag obrachadh a' fàgail gun robh duiligheadas aig cuid de dhaoine le a bhith a' faighinn margaids, fiù 's ged a bha iad air taic-airgid fhaighinn bhon sgeama.

Bha leisg air companaidhean margaidse iasad a thoirt seachad air taighean-croite air eagal 's nach ann acasan a bhiodh na prìomh chòirichean air an taigh, mur a biodh na fiachan air gam pàigheadh.

Tha Riaghaltas na h-Alba ag ràdh nach eil e idir nan comas sealbh a ghabhal air taigh-croite sam bith ma thèid riaghailtean air taic-airgid dhan taigh a bhriseadh.

Dhearbh an Riaghaltas gur ann air tagraiche a' ghranta fhèin a bhiodh uallach nam fiachan aca, seach air an taigh.