Robotan-slàinte gan cur an sàs sna h-Eileanan Siar

  • 5 An t-Iuchar 2013
Buill den sgeama leis a' Ghiraff Image copyright other
Image caption Faodar aodach a chur air an robot gus a dhèanamh nas nàdarra.

Cuiridh Bòrd Slàinte nan Eilean Siar innealan robot a-steach gu dachaighean dhaoine le dementia, mar phàirt de sgeama-pìleat airson an neo-eisimeileachd a chumail aca cho fada 's a ghabhas.

Faodaidh càirdean no luchd-cùraim an robot a stiùireadh mu chuairt an taighe airson sùil a chumail air cùisean, agus inneal bhideo a chleachdadh airson a bhith a' còmhradh ris an euslainteach.

Tha na robotan 'Giraff' mu chòig troighean de dh'àirde, le cumadh caran coltach ri mac-an-duine.

Tha iad a' cleachdadh rothan seach casan, agus tha sgrìona telebhisein orra an àite aodainn.

Faodar aodach a chur orra airson an dèanamh beagan nas nàdarra, le luchd-obrach aig Seirbheis Slàinte nan Eilean Siar a' còmhdachadh aon robot le seacaid den Chlò Mhòr.

Ma nì luchd-slàinte no buill-teaghlaich ceangal coimpiutair ris an robot, nochdaidh na gnùisean aca air an sgrìona agus faodaidh iad còmhradh ris an euslainteach.

Faodaidh iad cuideach an robot a stiùireadh bho àite gu àite a choimhead an deach cungaidhean-leighis a ghabhail no an deach biadh ithe.

Thuirt ceannardan slàinte gun do sheall dearbhaidhean Astràilianach nach eil na robotan a' cur eagail air daoine le dementia, agus gu bheil iad an dòchas gun cuidich seo daoine a tha leotha fhèin ann an sgirean iomallach gun a bhith a' faireachdain cho aonaranach.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile