Deich carbadan gan cur an grèim

  • 4 An t-Iuchar 2013

Chuir na Poilis air Ghàidhealtachd deich carbadan an grèim thar na mìos a chaidh, 's na dràibhearan aca air an glacadh an dèidh dhaibh a bhith ag òl.

Chaidh 38 dràibhear a chur an grèim airson a bhith ag òl thar na mìos a mhair iomairt nam poileas.

Chaidh aon dràibhear a chur an grèim airson a bhith a' gabhail dhrogaichean.

Thuirt labhraiche gun cum an iomairt a' dol tro mhìosan an t-Samhraidh.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile