Leasachadh do chala Inbhir Ùige

  • 4 An t-Iuchar 2013

Thèid suas ri £500,000 a chosg air cala Inbhir Ùige ann an Gallaibh airson gum bidh cothroman ann do ghnìomhachas a' chumhachd ath-nuadhachail.

Thig an t-airgead bho HIE agus a' bhuidheann a tha os cionn na h-obrach-glanaidh aig ionad niuclasach Dhùnrath.

Chaidh aithris gum bi suas ri 300 cosnadh anns a' chaladh nuair a thig an leasachadh gu crìch.