Beachdan gan sireadh sna Bàigh

Bàigh na Hearadh Tha an oighreachd a' gabhail a-steach Bàigh na Hearadh agus Eilein Bheàrnaraigh.

Sgeulachdan co-cheangailte

Tha beachdan mhuinntir Oighreachd Bhàgh na Hearadh gan sireadh mun mholadh airson sealbh a ghabhail air an fhearann.

Gheibh iad litir air a' mhìos seo, is an t-uachdaran air cantainn gu bheil iad deònach còmhraidhean a chumail ma bhios ùidh aig a' mhòr-chuid den t-sluagh ann a bhith a' faighinn na h-oighreachd.

"Tha sinn a' coimhead a-staigh air a bheil muinntir an àite airson an oighreachd seo a cheannach, agus 's iad an fheadhainn a tha a' fuireach air an oighreachd a dh'fheumas an inntinn a dhèanamh suas," thuirt Dòmhnall MacIlleathain bho bhuidhinn-stiùiridh na h-iomairt.

"Ach chan urrainn dhuinn faighneachd dhaibh fhathast, oir chan eil fiosrachadh gu leòr againne no acasan.

"Tha sinn a' dol a dhèanamh tuilleadh rannsachaidh, agus sgrùdadh cothrom, agus cuiridh sinn litir dhan a h-uile taigh air an oighreachd an ceann là no dhà eile, a' faighneachd dè tha iadsan ag iarraidh fhaighneachd anns an rannsachadh a tha seo.

Buannachdan

"Dè na rudan a bhiodh iad ag iarraidh fhaicinn nam biodh an oighreachd leotha fhèin? Dè na buannachdan a bhiodh ann 's dè na duilgheadasan a tha iad a' faicinn, a bheil càil aca na aghaidh?

"Agus nuair a gheibh sinn sin air ais, gheibh sinn buidheann a-steach airson sgrùdadh cothrom a dhèanamh.

"Tha feadhainn air a shon, o chionn 's gu bheil iad a' faicinn oighreachdan eile, feadhainn aca gu math faisg oirnn, a th' air an talamh 's an t-àite fhaighinn dhaibh fhèin, 's tha e air buannachdan mòra a dhèanamh dhaibh.

"Tha e a' dol a thoirt a-steach tòrr airgid dha na sgìrean ann am bliadhnaichean ri tighinn.

"Ach tha feadhainn eile, tha iad rudeigin gealtach, 's tha iad a' faicinn ged a tha tòrr de na h-oighreachdan air a bhith glè mhath, tha feadhainn eile 's tha buaireadh is trod gu leòr air a bhith ann," thuirt e.

Tuilleadh mun sgeulachd seo

Sgeulachdan co-cheangailte

Sgeulachdan aithriseach

  • Gleann DailBàird Ghleann Dail

    Leabhar ùr ga fhoillseachadh a tha a' toirt ri chèile bàrdachd Dhòmhnall nan Òran agus bàrdachd a mhac, Niall 's Iain Dubh.


  • Caisteal Inbhir NisIonad-turasachd ùr san amharc?

    Buidheann-obrach ùr ga stèidheachadh gus beachdachadh air Caisteal Inbhir Nis.


What is VOCAB? Deth'ann a VOCAB?

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.