Là na Gàidhlig air fàire air Twitter

  • 3 An t-Iuchar 2013
Twitter Image copyright PA
Image caption Thathas an dòchas an là a chumail gach bliadhna.

Tha Social Media Alba ag iarraidh àrdachadh a thoirt air an àireamh dhaoine a bhios a' cleachdadh na Gàidhlig air Twitter.

Tha iad an dùil là sònraichte a chur air dòigh an ath-bhliadhna 's iad an dòchas gum bi "#Gàidhlig" a' nochdadh tric air a' mheadhan shòisealta, neo 'trending' mar a th' aca air.

Tha leithid de dh'iomairtean a' tachairt gu cunbhalach gus aire dhaoine a tharraing gu mion-chànanan eile, leithid na Gaeilge agus na Frìoslannais.

"Bu thoil leam faicinn còmhradh Gàidhlig air Twitter, an ath-bhliadhna air 1mh an t-Ògmhios, agus gach bliadhna às dèidh sin," thuirt Seumas Uallas, bhon bhuidhinn.

"A thaobh an là seo, thàinig am Plana Gàidhlig Nàiseanta beò air 1mh an t-Ògmhios 2005.

A' Tweetadh

"Thòisich mi ag obair air Social Media Alba às dèidh bliadhna aig SMO a' dèanamh cùrsa conaltraidh, agus chunnaic mi gu bheil oileanaich ann deònach Gàidhlig a chleachdadh air Twitter agus meadhanan sòisealta.

"Ach chunnaic mi cuideachd gum bu chòir gum bi mòran dhiubh a' cleachdadh an cuid Gàidhlig le misneachd.

"Nuair a bha mi air ais aig Sabhal Mòr Ostaig an t-seachdain seo chaidh airson an Tionail, aig Nàbannan Ceilteach, chunnaic mi taisbeanadh fìor mhath bho bhuidhinn a tha a' leasachadh na Frìoslannais.

"Chòrd an taisbeanadh rium mu dheidhinn là Twitter. Bha Frìoslannais ga sanasachd ann an "Twitter feeds" Duitseach agus bha i "trending" airson greis.

"Bha fios agam an uair sin gum bu chòir dhomh rudeigin a dhèanamh.

@SocialMediaAlba

"Tha buidhnean agus daoine ann a tha a' cleachdadh na Gàidhlig air na meadhanan sòisealta, ach tha mi an dòchas às dèidh Là Gàidhlig Twitter gum bu chòir mòran dhaoine aig a bheil Gàidhlig na meadhanan sòisealta a chleachdadh airson a' Ghàidhlig a chur air adhart am measg nan caraidean agus an luchd-leantainn aca.

"Ma tha daoine airson leantainn na tha a' tachairt, 's urrainn dhaibh fios a chur thugam air @SocialMediaAlba agus fios a leigeil dhuinn gu bheil ùidh aca a bhith an sàs.

"Agus cuimhnichibh cuideachd #Gàidhlig a chleachdadh, gu h-àraid air 1mh an t-Ògmhios an ath-bhliadhna," thuirt e.