Sianar air an leòn ann an tubaistean-rathaid

  • 3 An t-Iuchar 2013

Tha na Poilis air Ghàidhealtachd a' rannsachadh na dh'adhbharaich tubaist-rathaid a dh'fhàg triùir air an leòn agus an càr san robh iad na theine.

Cha robh ach aon charbad an sàs san tubaist, a thachair mu 11:35f oidhche Mhàirt air rathad beag eadar an A96 agus Port-adhair Inbhir Nis.

Chaidh an dràibhear a ghoirteachadh gu dona, agus tha dithis den triùir eile a bha sa chàr còmhla ris an dràibhear air an goirteachadh cuideachd.

Chaidh an toirt gu Ospadal an Ràthaig Mhòir ann an Inbhir Nis.

Cha deach an ceathramh duine a bha sa chàr a ghoirteachadh idir.

Thuirt na poilis gun deach an rathad fhosgladh a-rithist aig 09:20m Diciadain.

Cuideachd chaidh triùir eile a thoirt dhan ospadal an dèidh tubaiste faisg air an Luirg ann an Cataibh.

Chaidh aon dhuibh a sgèith dhan ospadal.