Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

3 An t-Iuchar 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Taighean Comhairle

Thèid cur às dhan chòir a th' aig daoine ann an Alba an taigh comhairle sa bheil iad a' fuireach a cheannach. Tha dùil gum foillsich Leas-Phrìomh Mhinistear na h-Alba, Nicola Sturgeon, an naidheachd ann an Glaschu an-diugh, agus gun tig an sgeama gu ceann ann an 2016. Thuirt seann cheannard nan Tòraidheach an Alba, Anabel Goldie, gur e briseadh dùil a th' ann, oir gun tug an sgeama saorsa shòisealta do mhòran dhaoine.

An Eaglais Bhreac

Tha ceannard nan Làbarach, Ed Miliband, air a bhith a' dìon mar a ghabh am pàrtaidh smachd air a' phròiseas airson tagraiche ùr fhaighinn a sheasas an àite Eric Joyce mar Bhall-Pàrlamaid ann an sgìre na h-Eaglaise Brice. Tha casaidean ann gu bheil an t-aonadh Unite a' lìonadh ballrachd a' phàrtaidh airson buaidh a thoirt air fo-thaghaidhean eile cuideachd. Tha Unite a' dol às àicheadh sin. Ach tha na Làbaraich air geàrr-liosta de thagraichean ùra ullachadh.

An Èipheit

Chaidh 16 duine a mharbhadh san àimhreit anns an Èipheit agus an t-arm ag ràdh gun tèid iad an sàs an-diugh fhathast mur a dèan an Ceann-Suidhe Mohammed Morsi aonta le a naimhdean poileataiceach. Tha dragh air luchd-taic Mhgr Morsi gun cuir an t-arm a-mach às an dreuchd e, ged a chaidh a thaghadh, gu deamocratach tha iad ag ràdh, an-uiridh.

Pagastan

Tha Pagastan a' càineadh ionnsaigh a thug na Stàitean Aonaichte le rocaid "drone" air taobh an iar-thuath na dùthcha. Chaidh 17 duine a mharbhadh, agus Aimeireaga ag amas air buidhinn Haqqani a tha a' sabaid an aghaidh nam feachdan eadar-nàiseanta ann an Afganastan.

Saighdearan Pàirt-Ùine

Bidh tuilleadh fiosrachaidh aig Rùnaire an Dìon, Philip Hammond, an-diugh mun phlana airson feachd shaighdearan pàirt-ùine na dùthcha a leudachadh bho 18,000 gu 30,000 ro 2018. Tha sin mu choinneimh tuilleadh ghearraidhean san arm de shaighdearan làn-ùine.

Goid Dealain

Tha Riaghladair a' Chumhachd, Ofgem, a' maoidheadh càin air na companaidhean cumhachd mur a cuir iad stad air feadhainn a tha a' goid an dealain. Tha e coltach gu bheil an treas cuid den dealan a tha ga ghoid a' dol gu tuathan-canaib.