Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

2 An t-Iuchar 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Vince Cable

Tha an Rùnaire Gnothachais, Vince Cable, ag iarraidh air muinntir na h-Alba dìon a chur air rud air an tug e mar ainm "Margaidh Shingilte na Rìoghachd Aonaichte." Tha Mgr Cable ann an Glaschu an-diugh, agus Riaghaltas na Co-bhanntachd a' foilleachadh pàipeir ùir air a' buaidh a bheireadh neo-eisimeileachd air Alba. Tha esan ag ràdh gun cuireadh neo-eisimeileachd bacadh air malairt eadar Alba 's an còrr den Rìoghachd Aonaichte. Thuirt Riaghaltas na h-Alba gu bheil "laigse mhòr" anns an argamaid sin.

Eideard Snowden

Thuirt an Kremlin gun do tharraing Eideard Snowden iarrtas airson comraich anns an Ruis. Tha Mgr Snowden, a bha ag obair aig an CIA, fo chasaid ann an Aimeireaga gun do sgaoil e fiosrachadh nach bu chòir dha mu obair-brathaidh nan Stàitean Aonaichte. Thuirt an Ceann-Suidhe Putin gum feumadh Mgr Snowden sguir a dhèanamh cron air Aimeireaga mus fhaigheadh e cead fuireach anns an Ruis. Tha e cuideachd air comraich iarraidh ann an dùthchannan eile.

An Èipheit

Tha fear eile de mhinistearan an Riaghaltais san Èipheit air a dhreuchd fhàgail, am Ministear Cèin an turas seo, agus na milleanan de shluagh na dùthcha a' gearain mun riaghaltas aig a' Cheann-Suidhe Morsi. Tha Mgr Morsi ag ràdh gu bheil an t-Arm a' dèanamh mì-chinnt mhòir san dùthaich le bhith a' maoidheadh air-san gun tèid iad an sàs mur a faigh esan fuasgladh dha na trioblaidean poileataiceach.

Shipley

Tha duine a tha 26 bliadhna de dh'aois an grèim fo amharas gun do mhuirt e seann bhoireannach le ionnsaigh sgeine ann an Shipley faisg air Bradford. Chaidh ionnsaigh le sgithinn a thoirt air gille naoi bliadhna de dh'aois sa bhaile an-raoir. Tha esan anns an ospadal. Tha ceathrar dhaoine eile an grèim cuideachd co-cheangailte ris na h-ionnsaighean seo.

Càbal a' Chuain Sgìth

Sgrìobh ball nan Eilean Siar ann am Pàrlamaid na h-Alba, Alasdair Allan, gu SHE Transmission a' faighneachd carson nach do chuir iad fiosrachadh gu leòr mu Chàbal-dealain a' Chuain Sgìth nan iarrtas gu Riaghladair a' Chumhachd, Ofgem. Thuirt Ofgem gur e iarrtas gun mòran brìgh a fhuair iad bho SHE Transmission, meur de Scottish and Southern Energy. Thuirt Mgr Allan gu bheil e ag iarraidh freagairt leis gun do dh'innis SSE dha bho chionn là no dhà gu bheil a h-uile dad mar a bu chòir.