Gàirnealaireachd
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Togail do phròiseact ghàirnealaireachd ann am Barraigh

2 An t-Iuchar 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Thig leudachadh air an obair aig Gàradh a' Bhàgh a Tuath ann am Barraigh le pròiseact a th' air taic de chòrr air £78,000 fhaighinn bhon Chrannchur Nàiseanta.

Tha an Gàradh a' toirt taic do dhaoine le feumalachdan sònraichte air an eilean agus cuidichidh am pròiseact iad gus an t-seirbheis a thoirt chun na h-ath-ìre.

Thadhal Shona NicDòmhnaill againne air a' ghàradh.