FlySkye fhathast misneachail

  • 2 An t-Iuchar 2013
Raon-laighe Aiseig
Image caption Bha an raon-laighe ga chleachdadh suas gu 1988.

Tha luchd-iomairt airson seirbheisean adhair a stèidheachadh às ùr eadar an t-Eilean Sgitheanach agus Tìr Mòr ag ràdh gu bheil iad misneachail gum faigh iad taic bho Riaghaltas na h-Alba, ged a thuirt Ministear na Còmhdhail nach robh plana ann airson taic-airgid a thoirt seachad airson an cuideachadh.

Ann am freagairt chun a' bhuill Làbaraich, Dàibhidh Stiùbhart, thuirt Keith Brown gum feumadh airgead airson na seirbheis tighinn bho Chomhairle na Gàidhealtachd agus HITRANS.

Ach, bha Iain Blackford bhon bhuidhinn iomairt FlySkye ag ràdh gu bheil na planaichean aig ìre gu math tràth agus gu bheil e fhathast an dòchas taic fhaighinn bho Riaghaltas na h-Alba.

Bha a' chompanaidh Loganair a' ruith sheirbheisean a-mach à Raon-Laighe Aiseig san eilean suas gu 1988, agus tha an raon-laighe fhathast ri fhaodainn do na seirbheisean èiginneach.

Dh'fhaodadh gum bi eadar £9.7m agus £15.3m ann an airgead-calpa a dhìth airson seirbheisean coimearsalta ath-stèidheachadh, a rèir sgrùdaidh a chaidh fhoillseachadh sa Mhàirt.

Ach ma tha faid agus leathad an raoin-laighe a' tighinn a rèir riaghailtean Ùghdarras an Itealaich Chatharra, cha bhiodh ach £2.3m - £2.8m a dhìth.

Dh'fheumte cuideachd aonta a ruighinn le Roinn na Còmhdhail a thaobh feansaichean tèarainnteachd, le companaidhean adhair a thaobh hangaran, agus leis an t-seirbheis smàlaidh a thaobh nan goireasan a bhiodh a dhìth orrasan, gus cosgaisean a chumail sìos.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile