Dragh mu chungaidhean-leigheis an Uibhist

  • 27 An t-Ogmhìos 2013
Cunghaidh-leigheis
Image caption Tha ceist air feadhainn ann an Uibhist mu phlana bùth chemist a stèidheachadh ann am Beinn nam Fadhla.

Tha dragh air nochdadh gur dòcha gun tig air cuid ann an Uibhist a bhith a' siubhail cho fada ri 60 mìle airson cungaidhean-leigheis fhaighinn, ma 's e is gun tèid bùth ùr a stèidheachadh san sgìre.

Chuir a' chompanaidh Local Pharmacies Earranta plana air adhart airson bùth chemist fhosgladh ann am Beinn nam Fadhla.

Tha iomagain air a' chomhairliche Uibhisteach Ùisdean Robasdan, am measg eile, mun bhuaidh a dh'fhaodadh am plana a thoirt air cuid.

"Mar a tha gnothaichean an-dràsta, faodaidh tu a dhol gu ionad-dotair ann am Beinn nam Fadhla, Dalabrog no Loch nam Madadh, dotair fhaicinn agus cungaidhean-leigheis, pileachan is drugaichean, fhaighinn nuair a tha thu ann.

"Mar a tha seo a' dol a dh'obrachadh, a bharrachd air a dhol gu ionad an dotair, dh'fheumadh tu an uairsin a dhol gu Baile Mhanaich a thogail cungaidhean-leigheis ann am bùth chemist ann an shineach", thuirt e.

Thuirt Mgr Robasdan gu bheil riochdairean bhon chompanaidh air coinneachadh ris a' choimhearsnachd.

Thog e dragh cuideachd gur dòcha gun rachadh obraichean a chall aig na h-ionadan dotaireachd a tha an-dràsta a' sgaoileadh nan cungaidhean.

Nì Bòrd Slàinte nan Eilean Siar co-chomhairleachadh a mhaireas 60 là air na planaichean.