Oighreachd Bharabhais aig na daoine?

  • 27 An t-Ogmhìos 2013
Barabhas
Image caption An i Barabhas an ath-choimhearsnachd a ghabhas smachd air an oighreachd aca?

Tha muinntir Bharabhais ann an Leòdhas a' beachdachadh air an oighreachd aca a cheannach agus an t-uachdaran ag ràdh gu bheil iad deònach am fearann a reic riutha.

Thòisich urras-coimhearsnachd a' coimhead ris a' chùis grunn bhliadhnaichean air ais, ach cha robh mòran choltais ann gun robh an t-uachdaran, teaghlach Duckworth, dèonach an oighreachd a reic.

Tha sin air atharrachadh, ach thàinig rabhadh cuideachd gun tèid an oighreachd air a' mhargaid fhosgailte mura tig tagradh bhon choimhearsnachd.

Cosgaidh an oighreachd, anns a bheil faisg air 18,000 heactair, co-dhiù £2m.

"Fhuair clàrcan nam bailtean a tha san oighreachd - tha sianar aca ann - s' iadsan a fhuair an litir", thuirt Rùnaire Urras Coimhearsnachd Bharabhais, Aonghas MacLeòid.

Reic

"Mar a bha an litir ag ràdh, bha iad (an t-uachdaran) airson an oighreachd a reic ris a' choimhearsnachd - coimhearsnachd nan croitearan.

"Cha robh ceann-là an aghaidh sin idir ach dìreach nuair a gheibheadh iad air cùisean a chur ceart airson sin a dhèanamh.

"Mura gabh a' choimhearsnachd i, tha an oighreachd gu bhith air a' mhargaid fhosgailte agus chan eil fhios cò thig a-steach a cheannaicheas an oighreachd an uairsin", thuirt e.

Thuirt Mgr MacLeòid gur e uachdaran glè mhath a tha ann an teaghlach Duckworth, ach gu bheil e fhèin den bheachd gu bheil taic sa choimhearsnachd airson am fearann a cheannach.

Tha Oighreachd Ghabhsainn gu tuath air Barabhas mar thà ann an làmhan nan daoine, is muinntir Charlabhaigh gu deas a' beachdachadh air an oighreachd acasan a cheannach.

Airgead

Thuirt Mgr MacLeòid gu bheil e dòchasach gu bheil gu leòr air an oighreachd airson airgead a thoirt a-steach dhan choimhearsnachd, is gun deach sgrùdadh a dhèanamh air a sin nuair a chaidh an t-urras a stèidheachadh an toiseach.

Dh'innis e gur dòcha gum biodh feum air sgrùdadh ùr a-nise.

Thuirt e gu bheil còirichean iasgaich luachmhor ann ach gur dòcha gum faigheadh a' choimhearsnachd cuideigin gus an gnothach sin a stiùireadh, air neo a reic.

Coinnichidh clàrcan nam bailtean ann am Barabhas an t-seachdain seo tighinn airson bruidhinn mun chùis.

Thuirt Aonghas MacLeòid gun tèid an t-urras an uairsin a bhruidhinn ris an uachdaran.

Tuilleadh air an sgeulachd seo