Fasgadh dha Sgothan Tirisdeach

  • 26 An t-Ogmhìos 2013
Taigh-bàta Urras na Mara
Tha an sgioba a' feuchainn ris an togalach a chur an-àirde ann an seachdain.

Tha pròiseict a' dol le Urras na Mara ann an Tiriodh gus togalach a dhèanamh airson dà bhàta traidiseanta.

Thòisich an obair Disathairne agus thathas an dòchas gum bi e deiseil ro dheireadh na seachdaineach.

Tha an t-urras an dòchas gun gabh daoine barrachd ùidh sna bàtaichean ri linn.

Bàtaichean sònraichte

Chaidh an t-urras a stèidheachadh ann an 2005 leis an amas ùidh dhaoine a bhrosnachadh agus daoine a thrèanadh ann a bhith a' togail agus a' càradh bhàtaichean traidiseanta.

Bha seo airson dìon a chur air nithean a tha cudromach do dh'eachdraidh agus dualchas an eilein.

Dà bhliadhna air ais thog an t-urras dà sgoth Thirisdeach air a bheil siùil ris an canar "dipping lugs".

A rèir Rhoda Meek, a tha na ball den urras, tha na bàtaichean gu math tarraingeach.

"'S e bàtaichean gu math sònraichte a th' annta.

"Chan eil mòran dhiubh air fhàgail. Bha iad gu math fhèin luath fo sheòl.

"Ach bha e comasach dhaibh a bhith a' cleachdadh ràmh.

"Cuideachd bha iad math airson a bhith a' falbh a dh'iasgach, agus gu tric, sa choimhearsnachd, nan robh regatta ann, neo mar sin, bha rèisean aca agus 's e pàirt mòr sa choimhearsnachd a bha sna bàtaichean seo," thuirt i.

Àite-còmhnaidh

Thuige seo thathas air a bhith a' cumail nam bàtaichean ann am bucais-bathair, rud nach eil math dhaibh.

Chuir an t-urras rompa fhèin gum feumadh iad àite a thogail dha na bàtaichean.

Tha iad a' dèanamh sinn ann an co-bhann leis a' bhuidhinn ailteireachd, Tog Studio.

Tha an t-oileannach Ruairidh Moir an sàs sa phròiseict-togail.

"Tha mi eòlach air na daoine a tha a' ruith Tog Studio, agus tha sinn air an cùrsa a tha mi a' dèanamh san oilthigh a thoirt a-steach sa chuspair a tha seo.

"Tha am freama an-àirde agus tha sinn a-nis ag obair air a' mhullach," thuirt e.

Ùidh

Agus 's e pròiseict gu math sgiobalta a th' ann.

Thòisich an obair-togail Disathairne a chaidh, agus thathas an dòchas gum bi an togalach deiseil Dihaoine.

Bha ùidh aig mòran sa choimhearsnachd nuair a chaidh na bàtaichean a thogail an toiseach.

Leis nach eil àite sònraichte air a bhith ann dha na bàtaichean bhon uair sin chan eil e air a bhith cho furasta ri sin an cleachdadh.

Ach, leis an àite ùr seo, faisg air a' chidhe, tha dòchas ann gun atharraich sin agus gun nochd tuilleadh dhaoine ùidh sna sgothan Tirisdeach.