Bile ùr croitearachd ga chur troimhe

  • 26 An t-Ogmhìos 2013
Caoraich
Image caption Tha casg air a bhith air dì-chroitearachd do chroitearan-seilbhe bhon Ghearran am bliadhna.

Bhòt Pàrlamaid na h-Alba airson bile a tha ag amas air uireasbhaidh ann an Achd Ath-Leasachaidh na Croitearachd a cheartachadh.

Dh'fhàg mearachd san Achd a chaidh a chur don lagh ann an 2010, nach robh cumhachd laghail aig Coimisean na Croitearachd dì-chroitearachd a cheadachadh do chroitearan-seilbhe - croitearan a bh' air na croitean aca a cheannach.

Tha dì-chroitearachd a' ciallachadh a bhith a' toirt pìos fearainn a-mach à croitearachd, gus an gabh airgead fhaighinn air iasad air.

Bidh seo a' tachairt gu tric airson taigh a thogail, no airson airgead a ghabhail air iasad airson iomairt ghnothachais.

Bhòt Buill gu h-aona-ghuthach airson am bile, air a bheil Bile Croitearachd (Atharrachaidh) (Alba), a chur troimhe.

Chuir an Coimisean casg sa Ghearran air dì-chroitearachd do chroitearan-seilbhe, às dèidh dhaibh comhairle laghail fhaighinn.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile