Sùil ga fosgladh air nead Iolaire Bhuidhe

  • 25 An t-Ogmhìos 2013
Iolaire Bhuidhe
Tha mu 442 pàidhir de na h-eòin ann an Alba.

Faodaidh daoine a thadhaileas air Ionad-Turasachd Asainnte ann an Loch an Inbhir dealbhan beò fhaicinn a-nis bho nead iolaire bhuidhe.

Chuir Maoir-dhùthcha Chomhairle na Gàidhealtachd camara beag an sàs air a' chreig chais air a bheil an nead, agus thèid dealbhan a chraoladh air ais dhan ionad-turasachd, a tha cha-mhòr 20 cilemeatair air falbh.

Tha an nead ann am Pàirce Geòlais Iar-thuath na Gàidhealtachd.

Chan ann tric a chìthear iolairean buidhe, a tha mar ìomhaigh iomraiteach den Ghàidhealtachd do mhòran dhaoine air feadh an t-Saoghail.

Bha mu 442 pàidhir dhiubh ann an Alba nuair a rinneadh sgrùdadh air an àireamhan mu dheireadh ann an 2013.