Taighean-bìdhe gan diùltadh

  • 25 An t-Ogmhìos 2013
Sgìan agus Greimiche
Chaidh cead a dhiùltadh roimhe airson planaichean den leithid.

Dhiùlt comhairlichean na Gàidhealtachd Dimàirt air planaichean airson ceithir taighean-bìdhe ùra aig pàirce ghnothachais ann an Inbhir Nis.

Bha McDonald's, Frankie and Benny's agus Chiquito's air ùidh a nochdadh trì de na ceithir aonadan a ghabhail, aig Pàirce Ghnothachais Inbhir Nis, ri taobh an A96.

Chaidh cead a dhiùltadh do leithid seo de phlanaichean roimhe, an dà chuid leis an ùghdarras ionadail agus Riaghaltas na h-Alba ann an 2011.

Bha Mìcheal Mac a' Ghobhainn, bho Sgìre Leasachaidh Ghnothachais Inbhir Nis, ag iarraidh air comhairlichean cead a dhiùltadh do na planaichean ùra cuideachd.

Thuirt e gun toireadh na planaichean buaidh mhòr air gnothachasan ann am meadhan a' bhaile.

Bha oifigich na Comhairle air moladh gun toir buill cead seachad.

Tha an làrach air a comharrachadh airson oifisean, ach bha luchd-leasachaidh ag iarraidh gun deadh ionadan-bìdhe a thogail oirre an àite sin.