Bile croitearachd ùr mu choinneamh na Pàrlamaid

  • 25 An t-Ogmhìos 2013
Crodh air feurach
Chaidh càineadh mòr a dhèanamh air an Achd ri linn an t-suidheachaidh.

Thèid bile mu choinneimh Pàrlamaid na h-Alba Dimàirt a dh'fheuchas ri piseach a thoirt air Achd Ath-Leasachaidh na Croitearachd a thugadh a-steach o chionn trì bliadhna.

Dh'fhàg trioblaid leis an reachdas a bh' ann gun tàinig casg air croitearan a bh' air an croitean a cheannach bho bhith a' toirt earrainnean den fhearann aca a-mach à croitearachd - "dì-chroitearachd."

Feumar talamh a dhì-chroitearachd ma thathas airson airgead a thogail tro bhanca, no airson taigh a thogail gus am faighear morgaidse air talamh a dh'fhaodar a reic air a' mhargaidh fhosgailte.

Tha Riaghaltas na h-Alba ag ràdh gun toir an reachdas ùr piseach air an t-suidheachadh, gus an tèid dèiligeadh ri croitearan a tha a' pàigheadh màil agus ri croitearan a th' air an croitean a cheannach, gu co-ionnan.