Tuilleadh taic do smachd Eileanach

Drochaid an Eilein Sgitheanaich Chan eil "na h-eileanan a-staigh" air a bhith mar phàirt den iomairt thuige seo.

Thuirt fear de chomhairlichean an Eilein Sgitheanaich gum bu chòir dhan eilean, agus eileanan eile air taobh siar na Gàidhealtachd, a dhol an sàs anns an iomairt a th' air tòiseachadh airson tuilleadh chumhachdan fhaighinn do sgìrean eileanach.

Bha Hamish Friseal a' bruidhinn às dèidh do Chomhairlean Shealtainn, Arcaibh agus nan Eilean Siar innse gu bheil iad airson barrachd smachd fhaighinn air gnothaichean mar grunnd na mara, cumhachd ath-nuadhachail agus an t-iasgach.

Thuirt Mgr Friseal nach bu chòir dha bhith gu diofar gu bheil an t-Eilean Sgitheanach mar phàirt de Chomhairle na Gàidhealtachd.

"Bu chòir dhuinn mar Chomhairle a bhith ag obair còmhla ris na trì sgìrean eileanach eile," thuirt e.

Coimisean nan Eileanan Eòrpach

"'S i comhairle gu math mòr a th' ann an Comhairle na Gàidhealtachd, agus 's dòcha nach eil iad a' tuigsinn nan duilgheadasan a th' againn anns na h-Eileanan, ged a tha an t-Eilean Sgitheanach air a cheangal aig an ìre a tha seo le drochaid, tha sinn fhathast nar n-eilean.

"Tha ceangal ann. An obair a tha a' dol air adhart air a' mhuir. Feumaidh sinn an neart a tha sin a chur ri chèile, mar eileanaich.

"Mur a faigh sinne smachd air na h-uisgeachan a tha timcheall oirnn, mar a tha na h-eileanan eile a' feuchainn, chan eil sinn a' dol a dh'fhaighinn mòran às na leasachaidhean a dh'fhaodadh tachairt annta san àm ri teachd," thuirt e.

Start Quote

Tha mi a' smaoineachadh gu bheil iad air a cheangal ri laghan Eòrpach a tha mar thà ann an àite.”

End Quote Tormod Dòmhnallach Fear-Gairm Comhairle nan Eilean Siar

Aig a' cheart àm fhuair na trì comhairlean eileanach taic bho Choimisean Eileanan na Roinn Eòrpa a thaobh a bhith ag iarraidh barrachd chumhachdan.

Tha dùil gun cuir an Coimisean molaidhean gu Comataidh Mhinistearan na h-Eòrpa, 's gun cuir sin barrachd cuideim air Riaghaltasan Bhreatainn agus na h-Alba.

"Dh'aontaich coinneamh den Choimisean airson Eileanan Eòrpach gu h-aona-ghuthach taic a chur ris an iomairt againn fhìn, 's aig Arcaibh is Sealtainn," thuirt Fear-Gairm Comhairle nan Eilean Siar, Tormod Dòmhnallach.

"Tha mi a' smaoineachadh gu bheil iad air a cheangal ri laghan Eòrpach a tha mar thà ann an àite, agus sin ag iarraidh air riaghaltasan a bhith a' leigeil le coimhearsnachdan co-dhùnaidhean a dhèanamh air rudan a tha a' toirt buaidh orra cho faisg air a' choimhearsnachd 's a ghabhas.

"Tha mi a' smaoineachadh gu bheil sin a' toirt barrachd cothrom dhuinn cuideam a chur air an riaghaltas gach cuid ann an Westminster agus ann an Dùn Èideann sin a dhèanamh," thuirt e.

Sgeulachdan aithriseach

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.