Comhairle gus fearann a ghabhail os làimh an Inbhir Narrann

Comhairle na Gàidhealtachd Cha d'fhuair Deveron Homes cead-dealbhachaidh airson nan taighean.

Dh'fhaodadh gun tèid fearann a tha le Stòras Maith Choitchinn Inbhir Narrann a ghabhail thairis le Comhairle na Gàidhealtachd às dèidh mar a dh'fhailich air oidhirp taighean a thogail air.

Dh'aontaich a' Chomhairle ann an 2007 86 acair fearainn a reic aig Sandown, air iomall an iar a' bhaile, ris a' chompanaidh togail Deveron Homes.

Ach cha tàinig sin gu buil, leis nach d'fhuair a' chompanaidh cead-dealbhachaidh airson nan 550 taigh a bha iad airson togail air an làraich.

Dh'fhàg sin fiachan £750,000 air Stòras Maith Coitchinn Inbhir Narrann, ri linn chosgaisean laghail, agus gun tàinig orra aonta màil fada a bh' aig tuathanach air an fhearann.

Chaill an Stòras cuideachd cothrom air an £15m a thigeadh bhon leasachadh.

Mhol oifigich na Comhairle gun gabh an t-ùghdarras ionadail earrann den 86 acair aig Sandown os làimh, air a' mhalairt gum pàigh iad fiachan Stòras a' Mhaith Choitchinn.

Thèid na molaidhean mu choinneimh na Làn-Chomhairle Diardaoin.

Tuilleadh mun sgeulachd seo

Chan eil uallach air a' BhBC airson na tha air làraich-lìn eile.

Sgeulachdan aithriseach

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.