Raodan reòite àirneis àraid Alba Aosmhor Àrnoil

  • 21 An t-Ogmhìos 2013
Cidsin
Chaidh na taighean geala a thogail an toiseach o chionn 100 bliadhna, an àite seann taighean dubha nan eilean.

Chaidh seann aìrneis a reòthadh ann an Leòdhas.

Chaidh seo a dhèanamh mar dhòigh air dèiligeadh ri raodan, neo 'woodworm', a bha air feadh an fhiodha.

Tha an àirneis ann am fear de na 'taighean geala' traidiseanta a tha aig Alba Aosmhor ann an Arnol, air taobh siar an eilein.

Chaidh tòiseachadh air na 'taighean geala' a thogail an toiseach, bho chionn còrr is 100 blaidhna, an àite seann taighean dubha nan eilean.

Domhainn

Tha luchd-obrach Alba Aosmhor airson àirneis a tha aca ann am fear dhiubh a ghlèidheadh.

Ach mhothaich iad gun robh raodan air rùrach gu domhainn ann.

Ghabh iad làraidh air mhàl bho chompanaidh a tha a' reic biadh reòthte agus dh'fhuaraich iad an àirneis gu -30 Celsius airson ceithir là, air cùl na làraidh.

Bha dearbhadh ann roimhe seo nach seasadh an raodan ri reòthadh mar seo 's thathar an dòchas gun cuir e ruaig air an raodan bho àirneis Arnoil.