"Feallsanachd ùr fearainn a dhìth ann an Alba"

  • 21 An t-Ogmhìos 2013
Fearann
Image caption Tha Mgr Wightman ag ràdh gu bheil dùthchanan eile air a' chùis a rèiteachadh o chionn fhada, ach nach eil Alba.

Thuirt fear a bhios ag iomairt airson ath-leasachadh an fhearainn, Andy Wightman, gu bheil cruth-atharrachadh a dhìth air feallsanachd fearainn na h-Alba, agus feumaidh a' Phàrlamaid an Dùn Èideann tòiseachadh air sin a dhèanamh soilleir.

Gabhaidh Pàrlamaid na h-Alba fianais an ath-sheachdain bhon buidhinn-sgrùdaidh a stèidhich an Riaghaltas airson sùil a thoirt air ceist an fhearainn.

Ach tha Mgr Wightman ag ràdh nach eil a' bhuidheann air an t-slighe cheart, 's gum feum luchd-poileataics sin atharrachadh.

Thèid Buidheann-Sgrùdaidh Ath-leasachadh an Fhearainn (LRRG) a cheasnachadh aig Pàrlamaid na h-Alba an ath-sheachdain.

Ceistean ùra

Dh'fhoillsich a' bhuidheann aithisg o chionn ghoirid, air an tug mòran de luchd-iomairt là dubh, ag ràdh gun do sheachainn i cuspairean mòra, 's i gun ach moladh gun dèanar barrachd a thaobh còir a thoirt do choimhearsnachdan fearann air a bheil iad a' fuireach a cheannach.

Tha luchd-iomairt, Mgr Wightman nam measg, ag iarraidh air na BPA a cheasnaicheas a' bhuidheann a dhèanamh soilleir dhaibh gu bheil mòran a bharrachd air am faod iad sùil a thoirt, seach sealbh choimhearsnachdan.

"'S e a bhith a' rannschadh nan roghainnean nas fharsainne a th' ann," thuirt Mgr Wightman.

"Oir 's e pàirt den trioblaid, bho mu 2003-4-5, chaidh clàr-gnothaich ath-leasachadh an fhearainn air fad a chur an dàrna taobh.

"Tha mòran rudan ùra a th' air tighinn air a' chlàr-ghnothaich sin, leithid fearann Maith-Coitchinn anns na bailtean; tha ceistean mu dheidhinn thuathanach-màla a tha ag èirigh a-rithist, agus mar sin air adhart.

"Bu chòir gum bi na gnothaichean seo uile air a' bhòrd," thuirt e.

A' bruidhinn aig co-labhairt na buidhne Fearann Coimhearsnachd na h-Alba, chuir am Prìomh Mhinistear, Ailig Salmond, miann air adhart gum biodh millean acair fearainn ann an Alba ann an làmhan choimhearsnachdan ro 2020, 's e a' gealltainn airgid airson an t-amas sin a choileanadh.

Tha Mgr Wightman airson 's gun toirear còir do thuathanaich-mhàla am fearann a bhios iad ag obrachadh a cheannach - mar a th' air tachairt o chionn fhada ann an dùthchannan eile tha e ag ràdh - agus fiù 's còir a thoirt do dhaoine san fharsainneachd air fearann air an tog iad taigh air prìs reusanta.

"'S e an duilgheadas, nach robh rèabhlaid againne riamh ann am Breatainn," thuirt e.

"Bha rèabhlaid aig na Fraingich a sgaoil tron Roinn Eòrpa, 's chuir iad às gu luath, thairis air mu 100 bliadhna, dhan t-siostam fo an robh fearann ann an sealbh glè bheag de dhaoine.

"Cha do rinn sinne sin riamh," thuirt e.

Fhad 's a tha Mgr Wightman a' gabhail ris nach tachradh leithid de "rèabhlaid" san là a th' ann an-diugh, tha e ag iarraidh atharrachaidh gu tur air feallsanachd an fhearainn, gus an gabh na milleanan acairean a thoirt à làmhan mòra prìobhaideach.

Chan eil e math gu leòr, tha e ag ràdh, cothrom a thoirt do choimhearsnachdan a-mhàin air fearann a cheannach, oir tha nan mìltean mòra acairean air nach eil duine a' fuireach, agus anns nach eil coimhearsnachd airson an ceannach.

'S iomadh oighreachd mhòr ann an Alba, a th' air an cumail a' dol le sealg, agus air nach eil sluagh mòr sam bith a' fuireach.

Gu tric, 's ann le daoine à dùthchanan cèine a tha iad, nach eil a' fuireach ann an Alba.

Cìs Fearainn

Tha Mgr Wightman den bheachd gun gabhadh feum tòrr nas fheàrr a dhèanamh dhiubh.

"Mar eisimpleir, tha targaid mhòr dha-rìribh romhainn na tha de choilltean san dùthaich a leudachadh ann an Alba," thuirt e.

"'S e cleachdadh gu math cruthachail a tha sin. Cruthaichidh e dachannan agus fasgadh. Faodar coilltearachd fhighe a-steach le àiteachas, agus is mòr as t-fhiach e gu h-eaconamach.

"Carson nach cuir sinn romhainn gur ann le daoine prìobhaideach a tha a' fuireach anns na coilltean, no tuathanaich, no coimhearsnachdan a tha a h-uile coille ùr a thèid a chruthachadh ann an Alba?

"Dh'fhaodadh gu leòr dheth sin a bhith a' tachairt air na h-oighreachdan seilge bàna, fosgailte a tha seo a th' ann air Ghàidhealtachd," thuirt e.

Mar aon dhòigh air seo a thoirt air adhart, cìsean a chur air uachdarain mhòra gus nach bi fearann cho tarraingeach dhaibh, 's gun reic iad e an uair sin air prìs reusanta ri daoine a dhèanadh feum nas fheàrr dheth.

Air a' cheann thall, tha e ag ràdh gum feumte toirt orra dealachadh ris an fhearann.

Tha ceist ge-tà, a bheil Alba deiseil airson leithid de leasachadh.