Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Cùrsa ùr croitearachd

20 An t-Ogmhìos 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Faodaidh clann-sgoile ann an Àrd-sgoil a' Phluic a-nis teisteanas fhaighinn ann an croitearachd, 's cùrsa ùr ga chur air bhog Diciadain.

Bidh cothrom aig clann-sgoile, eadar 14 agus 16 bliadhna de dh'aois, eòlas fhaighinn air obair-chroite, agus tadhlaidh iad air margaidh-sprèidh agus taigh-spadaidh.

Seo an aon sheòrsa cùrsa 's a th' air a bhith a' dol ann an Sgoil Lionacleit fad beagan bhliadhnaichean.

Tha an aithris seo aig Calum MacIlleathain.