Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Slighe baidhseagail ùr Muirt na h-Apann

20 An t-Ogmhìos 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha slighe baighseagail ùr ann an Earra-Ghàidheal a Tuath a tha cuideachd a' foghlamachadh dhaoine mu tè de na cùisean muirt as ainmeile san sgìre.

Thachair Murt na h-Apann ann an 1752, agus chrochadh Seumas a' Ghlinne air a shon.

Ach tha mòran den bheachd nach b'e a mharbh Cailean Ruadh Caimbeul idir.

Gheibh daoine a thèid air an t-slighe ùir cothrom barrachd fhaighinn a-mach mu na thachair agus mun dìteadh chonnspaideach.

Tha Andreas Wolff ag aithris.