£1bn airson bun-structair air Ghàidhealtachd

Roghainn a Sia Tha Ceangal-rathad an Iar Inbhir Nis mar phàirt den phlana.

Tha grunn sgoiltean ùra am measg nam pròiseactan air a bheil Comhairle na Gàidhealtachd ag amas airson spionnadh a chur ann an eaconamaidh a' chinn a tuath thairis air deich bliadhna.

Cosgaidh plana na Comhairle £1bn, agus cuiridh e easbhaidh na Comhairle - an t-airgead a tha iad a' pàigheadh air ais air iasad - suas gu £2.5m sa bhliadhna.

Tha bun-sgoil ùr Ghàidhlig ann am Port Rìgh anns a' phlana, a thuilleadh air àrd-sgoil ùir ann an Inbhir Nis an àite an Acadamaidh Rìoghail, agus àrd-sgoil agus dà bhun-sgoil ùr ann an Inbhir Ùige.

Thathas cuideachd a' beachdachadh air ionad spòrs ùr ann an Dòrnach ri taobh na sgoile.

Thèid airgead cuideachd a chur mu choinneimh bruaichean Abhainn Nis a dhìon bho thuiltean.

Thèid bhòtadh air na planaichean aig coinneimh den Làn-Chomhairle Diardaoin seo tighinn, gus am maoineachadh ga roinn eadar dà phlana còig bliadhna.

Tha ceannardan na Comhairle ag ràdh gun cruthaicheadh na planaichean obair do 500 duine ann an gnìomhachas an togail.

Cuideachd mar phàirt den phlana, tha a bhith a' cur crìche air Ceangal-rathad an Iar Inbhir Nis, a th' air connspaid mhòr adhbharachadh.

Bidh an rathad a' ceangal Seach-rathad a' Chinn a Deas ris an A82 air taobh eile a' Chanàil Chailleanaich agus Abhainn Nis.

Tuilleadh mun sgeulachd seo

Chan eil uallach air a' BhBC airson na tha air làraich-lìn eile.

Sgeulachdan aithriseach

  • CofaidhCofaidh is Craic an Glaschu

    Fosglaidh cafaidh ùr ann an Glaschu an ath-mhìos do choimhearsnachd Gàidhlig a' bhaile.


  • DìleasRobo Chù Listen

    Luchd-saidheans ag ràdh gun gabhadh ròbotan a chleachdadh an àite chon-chaorach airson caoraich a bhuachailleachd.


BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.