Coinneamh mu chidhe Chrosaboist

  • 20 An t-Ogmhìos 2013

Tha Comann Luchd-cleachdaidh Cidhe Chrosaboist ann an Leòdhas a' coinneachadh oidhche Ardaoin a bhruidhinn air an cidhe a leasachadh.

Tha an cidhe fhèin agus laimrig a tha a-mach bhuaithe feumach air caradh ach tha dragh ann gun cosgadh e mòran a thoirt gu ìre cheart a-rithist.

Tha an cidhe ga chleachdadh le trì companaidhean a tha ag obair le feusgain, agus tha aon bhàt-iasgaich ag obair ann an-dràsta, le dùil gun tòisich tè eile a dh'aithghearr.

A thuilleadh air sin tha an cidhe cuideachd ga chleachdadh le feadhainn a bhios ag iasgach mar chur-seachad.

Sgeama Cruthachaidh Obrach

"Chan eil e math an-dràsta idir," thuirt Cathraiche Comann an Luchd-Cleachdaidh, Mìcheal Skelly.

"Tha an laimrig a' tuiteam às a chèile, agus tha Maighstir Cala na Comhairle air fios a chur oirnn nach fhaigh sinn air a dhol faisg air an laimrig.

"Ma 's math mo chuimhne 's e sgeama cruthachaidh obrach a thog an cidhe bho chionn 30 bliadhna.

"Agus cha chreid mi gun robh mòran fios aca ciamar a bu chòir cidhe a thogail ceart.

"Nis, bho chionn 10 bliadhna, tha an cidhe fhèin tha pìos timcheall air 10 no dusan troigh air tuiteam air falbh bhuaithe, 's chan eil an cidhe a' dol a-mach cho fada ris an laimrig a-nis ann.

"Agus rud eile, tha an crann-togail airson nam balach a tha ag obair leis na feusgain, chan eil sin a-muigh aig ceann na laimrige a bharrachd, 's chan fhaigh iad air an crann a chleachdadh mur a bheil an làn a-staigh.

"Tha sinn ag iarraidh an cidhe a chur a-mach gu bàrr na laimrige agus an crann a chur aig bàrr a' chidhe gus am faigh na h-eathraichean ri taobh a' chidhe às bi dè seòrsa làn a th' ann.

"Chan eil fhios a bheil gu leòr airgid gu bhith aig a' Chomhairle airson seo a dhèanamh, agus 's dòcha gum feum sinn a dhol gu buidhnean eile airson airgead fhaighinn," thuirt e.