Dragh mu sgeamaichean beaga hydro

  • 19 An t-Ogmhìos 2013

Dh'fhaodadh an àireamh de sgeamaichean beaga hydro air a' Ghaidhealtachd 's anns na h-Eileanan a bhith air a chuingealachadh, neo stad buileach, agus plana ann lùghdachadh a thoirt air an airgead a gheibhear airson a bhith a' biadhadh a' Ghriod Nàiseanta.

Tha a' bhuidheann riochdachaidh, Scottish Renewables, ag ràdh gum faodadh dàil 's mì-chinnt a bhith ann airson sgeamaichean luach còrr air £20m, 's Riaghaltas Westminster ag atharrachadh nan riaghailtean.

Chaidh na h-aon draghan a thogail ann am Pàrlamaid na h-Alba Dimàirt, agus buill a' nochdadh taic do sgeamaichean beaga hydro air feadh na dùthcha.