Coithionalan eile an impis Eaglais na h-Alba fhàgail

  • 19 An t-Ogmhìos 2013
Seòmar Àrd-Sheanaidh Eaglais na h-Alba
Image caption Chuir an t-Àrd-Sheanadh co-dhùnadh deireannach dheth gu 2015.

Tha dà choithional eile de dh'Eaglais na h-Alba sna h-Eileanan Siar a' coimhead air an eaglais fhàgail ri linn co-dhùnadh an Àrd-Sheanaidh mu mhinistearan gèidh.

Bhòt còrr 's 200 ball de dh'Àrd-Eaglais Steòrnabhaigh ag coinneamh oidhche Mhàirt gu bheil iad airson an eaglais fhàgail.

Aig a' cheart àm, bhòt a' mhòr chuid de na bha an làthair aig coinneamh ann an Eaglais na h-Alba air an Tairbeart sna Hearadh gu bheil iadsan airson beachdachadh air an eaglais fhàgail.

Thug Àrd-Sheanadh na h-eaglaise cead do choithionalan fa-leth ministear a tha gu fosgailte gèidh a ghairm nan togradh iad, gun a bhith ag atharrachadh seasamh traidiseanta oifigeil na h-eaglaise, ach chuir iad co-dhùnadh deireannach air a' chùis dheth gu ruige 2015.

An Fhìrinn

Bha bhòt Àrd-Eaglais Steòrnabhaigh aona-ghuthach, 's iad den bheachd gu bheil an eaglais a' trèigsinn Facal Dhè.

"Tha sinn a' toirt taing dhan Tighearna gun deach a' choinneamh math dha-rìribh," thuirt fear de dh'Eilldearan a' choithionail, Crìsdean Màrtainn.

"Bha 200 anns a' choinneamh, agus bha àm againn airson adhradh an toiseach, 's an uair sin bha ceistean againn.

"Fhuair daoine an cothrom a bhith a' faighneachd cheistean air na rudan a bha a' cur dragh orra, agus an uair sin chuir sinn air adhart an rud fon t-Seisean, mu dheidhinn a bhith a' fàgail na h-eaglaise. Chaidh a h-uile duine a bha sa choinneamh leis.

"'S e gu bheil an eaglais air fad a' call an àite, a' dol air falbh bhon Fhìrinn.

Beachdan an t-Saoghail

"'S e sin na th' aig bonn na trioblaid, agus chan eil sinne toilichte a bhith a' fuireach agus ag obair còmhla riutha anns an dòigh sin.

"Tha iad air Facal an Tighearna a chur an dàrna taobh, agus a' dol air adhart le beachdan an t-Saoghail agus beachdan dhaoine.

"Tha sinn den bheachd, air sgàth gu bheil sinn aonaichte, agus gu bheil sinn còmhla air a' bheachd seo, gu bheil sinn a' dol a dh'obair, agus fhuair sinn cead agus comhairle bho Chlèir Leòdhais gum biodh iad a' toirt nam beachdan againn, agus gum biodh iad airson a bhith ag obair còmhla rinn.

"Agus tha dòchas againn gum faigh sinn air fuireach anns an eaglais (an togalach), agus 's e ceum às dèidh ceum a dh'fheumas sinn a ghabhail le sin ann an creideamh.

"Tha sinn air a bhith air ar beannachadh gu mòr anns an togalach seo, ged is e dìreach togalach a th' ann, tha fhios againn," thuirt e.