Teas na grèine air a' Ghàidhealtachd ga chlàradh

UIdheam UV B'abhaist dhan uidheamachd a bhith aig RAF Cinn Lois.

Chaidh uidheamachd rèididheachd a chur air mulach togalaich roinn nan èiginn aig Ospadal an Rathaig Mhòir son clàradh dè seorsa teas a th'anns a' ghrèin air a' Ghàidhealtachd agus dè cho fad's a tha i a-muigh.

B àabhaist dhan uidheamachd a bhith aig RAF Cinn Lois, ach leis gun do dhùin an t-ionad sin, chaidh an uidheamachd a chur dhan Rathaig Mhòr.

Thuirt tè-labhairt NHS na Gàidhealtachd, Cathy Steer, gun robh iad airson am fiosrachadh a sgaoileadh dhan t-sluagh son 's gum bi iad nas mothachail a-thaobh aillse craicinn.

Aillse Craiceann

"Tha blàths na grèine a' còrdadh ri daoine, ach aig an aon àm, feumar a bhith mothachail nach tèidear a' losgadh. Feumaidh daoine le craiceann bàn, no ruadh a bhith nas fhaicealaiche buileach leis gu bheil iadsan nas dualtaiche aillse fhaighinn leis an t-seòrsa craicinn a th' aca".

"Le uidheamachd UV aig an ospadal, faodaidh sinn fiosrachadh mionaideach a sgaoileadh mu dè cho teth 's a tha a' ghrian, agus dè cho fada 's a bhios i a-muigh 's bheiridh sin cothrom dhan t-sluagh a bhith sàbhailte fhad' 's a tha iad a' gabhail na grèine".

Thèid làrach-lìn a chur air bhonn a dh'aithghear far am faighear am fiosrachadh, a bharrachd air comhairle a-thaobh ailse craicinn.

Sgeulachdan aithriseach

  • CofaidhCofaidh is Craic an Glaschu

    Fosglaidh cafaidh ùr ann an Glaschu an ath-mhìos do choimhearsnachd Gàidhlig a' bhaile.


  • DìleasRobo Chù Listen

    Luchd-saidheans ag ràdh gun gabhadh ròbotan a chleachdadh an àite chon-chaorach airson caoraich a bhuachailleachd.


BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.