Seirbheis màthaireachd Mhuile "uabhasach"

  • 18 An t-Ogmhìos 2013

Tha tè de chomhairlichean Mhuile ag ràdh gu bheil seirbheisean màthaireachd san eilean "uabhasach."

Thug Mary Jean Devon slaic air an t-seirbheis às dèidh do Stacy Inglis, a tha a' fuireach ann am Muile, a ràdh gun deach iarraidh oirre ospadal Latharna 's nan Eilean san Òban fhàgail leis an naoidhean aice a bh' air ùr-bhreith am meadhan na h-oidhche, gun àite aice ri dhol, leis nach robh leapannan gu leòr ann.

Dh'fheumadh i àite fhaighinn an taigh leabaidh 's bracaist.

Tha NHS na Gàidhealtachd a' rannsachadh na cùise.

Chaidh seirbheis nam mnathan-glùine ann am Muile a stad bho chionn dà bhliadhna.

Thuirt an Comh. Devon gu bheil am feagal a bh' oirre mun atharrachadh air thighinn gu buil.