Cead do thuath-gaoithe mhòr

Crainn-ghaoithe Thug a' Chomhairle cead cheana do thuath-gaoithe eile sam bi 339 crann.

Thug Comhairle na Gàidhealtachd an taic do phlana airson 277 crann-gaoithe a thogail sa mhuir far chosta Ghallaibh.

'S ann aig Riaghaltas na h-Alba a tha an co-dhùnadh deireannach, agus dh'iarr iad beachd na Comhairle air an leasachadh, air a bheil Tuath-gaoithe Far-chladaich Beatrice.

Mhol oifigich na Comhairle nach cuireadh buill an aghaidh a' phlana.

Bhiodh còrr 's dàrna leth nan crann 187m (613tr) de dh'àirde.

Dh'fhaodadh obair air a' phròiseact tòiseachdainn ann an 2015, leis a' chiad dealain ga thoirt far an tuath-ghaoithe ro Shamhradh 2018.

'S e com-pàirteachas eadar SSE Renewables agus Repsol Nuevas Energias UK a th' anns a' phròiseact.

Tha dà chrann deuchainneach stèidhichte mar thà ann an raon gas agus ola Beatrice, far an deadh an leaschadh a thogail.

Chan e aon aon tuath-gaoithe den leithid a tha san amharc san sgìre ge-tà, agus comhairlichean air cead a thoirt sa Mhàirt am bliadhna do phlana airson 339 crann a chur 13.5 mìle a-mach far a' chladaich ann an Gallaibh.

Bidh trì tuathan fa-leth anns a' phròiseact, fo stiùir Moray Offshore Renewables Eta, a chosgadh £4.5bn.

Tuilleadh mun sgeulachd seo

Chan eil uallach air a' BhBC airson na tha air làraich-lìn eile.

Sgeulachdan aithriseach

  • CofaidhCofaidh is Craic an Glaschu

    Fosglaidh cafaidh ùr ann an Glaschu an ath-mhìos do choimhearsnachd Gàidhlig a' bhaile.


  • DìleasRobo Chù Listen

    Luchd-saidheans ag ràdh gun gabhadh ròbotan a chleachdadh an àite chon-chaorach airson caoraich a bhuachailleachd.


BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.