Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Neo-eisimeileachd nan eilean?

18 An t-Ogmhìos 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha na trì comhairlean eileanach ann an Alba air iarrtasan a dhèanamh airson barrachd chumhachdan, 's iad ag ràdh gun leasaicheadh iad eaconamaidh nan sgìrean aca.

Dh'iarr iad air an dà thaobh den deasbad air neo-eisimeileachd na h-Alba innse na dhèanadh iadsan dha na h-eileanan.

Dh'iarr Comhairle nan Eilean Siar Achd Pàrlamaid airson crìochan sgìre an ùghdarrais a dhìon san lagh cho luath 's a ghabhas.

Tha tuilleadh aig Aonghas Dòmhnallach.