Beachdan mu sgeama hydro coimhearsnachd

  • 18 An t-Ogmhìos 2013

Tha cuireadh ga thoirt do mhuinntir Ulapuil am beachdan a chur air adhart air plana airson sgeama hydro coimhearsnachd.

Chaidh pàipearan baileit a chur gu daoine a tha a' fuireach eadar an t-Eilbhean agus abhainn Ghruineirt airson bhòtadh air a' phlana airson an leasachaidh ann an Coille Lael faisg air Loch Bhraoin.

Feumaidh na pàipearan a bhith a-staigh Diciadain na seachdaine seo.

Nan deadh an sgeama air adhart, dheadh airgead bhuaithe a chleachdadh son phròiseactan coimhearsnachd.